Naidheachdan

Laraich 2017 Faoilleach 28/29

Maggie January 09, 2017
Chaidh Laraich a chur air chois airson cruinneachadh seanchasan mu cuid de na ainmean aite ann an sgire Bun a Loch. Bidh cuid den fhiosrachadh ri fhaicinn Dihaoine 28mh agus Disathuirne 29mh anns an Ionad Coimhearsnachd ann an Liurbost..

Bidh balgam ri fhaighinn agus uine gu leor son na fiolmaichean, clar dutcha agus taisbeanadh beag mun iasgach, na faingean agus an doigh beatha a cnuasachadh.

Fhuair Cabraich taic bho Bord na Gaidhlig agus CnES agus Comann Eachdraidh Ceann a Tuath Nan Loch airson an cruinneachd seo a thoirt cruinn. Read more, Comments: 0

Laraich

Maggie December 13, 2016
Chaidh Laraich a chur air chois airson cruinneachadh seanchasan mu cuid de na anaman aite ann an sgire Bun a Loch. Theid cuid den fhiosrachadh a chur an ceann a cheile Diardaoin sa tighinn 15mh Dublachd 2016 anns an Ionad Coimhearsnachd ann an Liurbost..

Bidh balgam ri fhaighinn agus uine gu leor son na fiolmaichean, clar dutcha agus taisbeanadh beag mun iasgach, na faingean agus an doigh beatha a cnuasachadh
.

Fhuair Cabraich taic bho Bord na Gaidhlig agus CnES agus Comann Eachdraidh Ceann a Tuath Nan Loch airson an cruinneachd seo a thoirt cruinn.

Read more, Comments: 0

Deireadh na Bliadhna

Maggie October 22, 2016
Fhuair Cabraich taic bho Bhord na Gaidhlig airson clasaichean Gaidhlig a chur air adhairt air a gheamhradh. Bha a' chiad sia seachdainnean aig Taigh Tasgaidh nan Eilean aig a Chaisteil agus an luchd obrach a deasachadh airson a Mhod.

Bidh 4 clasaichean eile aig Ionad an Drochaid an Ceann a Bhaigh  bho Diluain 14mh Samhainn gu Diluain 5mh den Dubhlachd eadar 4 agus 6f.


Bidh buidhean seinn ann an Uig, Leodhais air Diardaoin 17mh Samhainn agus Diardaoin 1mh Dubhlachd anns an Ionad ann am Miabhaig eadar 7.30 agus 9.30f
 
Read more, Comments: 0

An Damhair 2016

Maggie August 24, 2016
Air Diardaoin an 6mh den Damhair bidh Cabraich ann an Talla Choimherasnachd Borgh le deilbh chluich, seanchasan agus orain an cois am buidhean  Young at Heart mu 2f. Bidh ceann la Ceilidh na Gaidhlig ann Taigh Tasgaidh nan Eilean ann an Steornabhagh air Dihaoine 21mh den mhios seo.Seachdainn a Mhoid! . Read more, Comments: 0

Bata nan Sailm 13-28mh Lunastal

Maggie July 28, 2016
Bha cleachdadh aig buill de choimh thional gi na 1950an a bhith a seinn nan sailm anns na h-eathraichean nuair a bhiodh iad a tilleadh as an eaglais. Am bailtean air criochan  Loch Eireasoirt, na Loch chluinneadh na guthan air tir.

Bidh grunn luchd ealain, luchd seinn nan sailm agus seoldairean a tighinn cruinn eadar 13mh agus an 28mh latha den mhios seo.

Cur fios gu Deirdre Ni Mhathuna d.ni.mhathuna@outlook.com neo Magaidh maggiesmith@hebrides.net airson tuilleadh fiosrachadh mun na tachartasan.

Tha Cabraich toirt taing ga CNES airson an taic airson Bata nan Sailm Ire 111 (2016) .  
    Read more, Comments: 0

Leir-mheas Ceilidh na Gaidhlig

Maggie July 11, 2016

Euan MacLeod - Oifigear Proiseact UCBA-


Tháinig Cèilidh na Gàidhlig do Ghrinneabhat na b' traithe sna bliadhna is b' e cuithream air leth a bh'ann a chòrd ris a h-uile neach a bha an láthair. Tha e doirbh dhomh a' mìneachadh cho cudthromach sa bha a' chúis a-réir neartachadh Gàidhlig nar sgìre, nar cuideachd bha luchd-labhairt ionadail a rugadh san sgìre, agus daoine ùr dhan áite, cuid gun Ghàidhlig idir. Fhuair cluicheadairean is seinneidearan de gach aois cothrom an sgilean a thaisbeanadh air beulaibh luchd-amhairc, rud a bhrosnaicheas misneachd dhaibh.


 Chualas bàrdachd, òrain, agus seanchas, a bha uile gu léir nadurra agus neo-fhoirmeil. Cuideachd bha sinn uabhasach fhèin fortanach gun robh Dràma, ùr-sgrìobhte, dhúinn air an oidhche - cùis a tha fada ro ghann aig an àm seo air an àrd-ùrlar. Mholainn Cèilidh na Gàidhlig do neach sam bith mar bhlasad de chultar Leòdhais agus a' Ghàihealtachd air san fharsaingeachd, agus tha UCBA làn dóchais gun till a' Chèilidh cho luath sa ghabhas


Read more, Comments: 0

Tachartasan

Maggie July 05, 2016

Tha Cabraich a luiginn taing do gach duine a thug taic ga Ceilidh na Gaidhlig, tachartas gach mios, a bha gu tur anns an Ghaidhlig.


A luib Ceilidh na Gaidhlig bha da dhealbh cluich ur, seanchasan, orain agus bardachd.
Chaidh an tachartas a chur air adhairt an Seallam An Taobh Tuath Na Hearadh, Ionad Urras Bradhghair agus Arnal, A Hut air a Bhac le cuideachadh bho Comunn na Gaidhlig air an oidhche, agus Taigh Tasgaidh nan Eilean, Steornabhagh le cuideachadh air an oidhche bho Comataidh Mod Nan Eilean 2016.


Bhathas ag amas, air measadh a dheanamh air a mhios seo (An Iuchair). Seo cuid de na beachdan a thainig thugainn. Bha luchd ionnsachaidh na Gaidhlig a faireachdainn gun do lean iad na bha tachairt agus gun tug e adhartas air an cuid eolais. Fhuair na cleasaichean, seinneadairean agus seanchaidhean buannachd agus toileachas as na tachartasan. Chord na tachartasan ris an luchd amhairc anns gach sgire. 

 
Thainig iarrtas bho buidhnean seann daoine airson tachartas tron an latha.
Chaidh na cinn la seo a dhearbhadh aig an ire seo. Tha da bhuidhean eile gun dearbhadh na cinn la san Lunasdal agus san Sultainn.
21mh Iuchair Club Lon Nis, Comann Eachdraidh Nis.
6mh   Damhair Club Young at Heart, Clann MacQ Borgh.


Bidh am plana airson a Gheamhradh 16-17 a reir de na beachdan agus an iarrtas a thig bho na buidhnean coimhearsnachd.


Feumar taing a thoirt ga Bord na Gaidhlig agus Sgioba na Gaidhlig airson an taic ga Ceilidh na Gaidhlig.

Read more, Comments: 0

DVD Toradh

Maggie June 20, 2016

Air an DVD UR Toradh, tha ochd fiolmaichean ùra, a chaidh a dheànamh ann an Leòdhas. Tha trì sgrìobhadairean agus iomadh cleasaiche an luib an iomairt saor-thoileach seo.

1 Taigh a Mhùirt (E.I Dòmhnallach) Fiolm goirid Tha na polais a lorg nighean òg ach dè tha dol san t-seada? An Cleasaiche Alasdair MacIll Fhinnein.


2 Gealladh a’ Bhàrd (Documentary ) Pèigi Oighrig Nic a Ghobhainn far a Cnìop, ag innse mar             a fhuair i gìt a’ bhàrdachd bho bràthair a sheanair, ‘s e air leabaidh a bhàis.


3 Leabhar na Beatha: (E.I Dòmhnallach) Fiolm goirid Saighdear òg a falbh dhan chogadh Na             cleasaichean òga Sean MacLeòid, Aileen Nic Ille Fhinnein agus Iain MacIomhair agus an cleasaiche nach eil cho òg, a chur uidhir ri dràma na Gaidhlig thairis air na 50 bliadhna mu dheireadh Deirdre NicDhòmhnaill. Bàrdachd a sgrìobh Dòmhnall   MacIomhair à Cradhlastadh Uig Do Lorgan air an Traigh air aithris le Eòghainn   MacFhionnghain à Eadar Dha Fhaodhal .


4 Fios Fithich:   (E.I Dòmhnallach) Fiolm goirid. Beachd air mar a thàinig na Fir Taileisg a d’Uig           agus ’s e Iain           MacIomhair far a Cnìop fear na monadh.  


5 Smuaintean: (K.Stringer) Peucaidhean na h-Oige An Cleasaiche Alasdair Mac Ill Fhinnein   agus Iain MacIomhair.


6 Taigh Dhè (Documentary) Eaglais Baile na Cille, an Uig. An 1829 bha 1,000 de           choimhthional anns an eaglais. An 2012 tha i fàs. Thathas ga reic air a’ mhargaid.


7 Fo Sgàile Suainabhal (Eric I Dòmhnallach) Tè a fhuair a ciad cosnadh anns a’ Luidse. Ach eil             fhios dè na rudan a chunnaic iad? Fiolm aon guthach Magaidh Nic a’ Ghobhainn.


8 Coinneach Tarmod mo Dhuine (Alasdair Caimbeul) Clàradh dealbh cluich a chaidh gu                     deich buidhnean coimhearsnachd 2014-15. Tè a thoirt iomradh air na thachair air   mointeach Bharbhais. Fiolm aon guthach Magaidh Nic a Ghobhainn.


Tha an DVD Toradh a cosg £10.00 agus prìs a’ phùist. www.cabraich.org             maggiesmith@hebrides.net no 07554665549

Fhuair Cabraich Taic bho Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail airson an DVD Toradh a chur ri chèile.

Read more, Comments: 0

Ceilidh na Gaidhlig Seallam, An Taobh Tuath, Na Hearadh 24th June 7.30

Maggie May 19, 2016
Bidh drama,seanchasan agus orain ri an cluintinn ann an Seallam, san Taobh Tuath, na Hearadh air Dihaoine 24mh Og Mhios.  Thigeamh a cheilidh. 

Bidh Magaidh Nic a Ghobhainn agus Alasdair Ban MacIlleFhinnein ann leis an drama Tom s Jerry a sgriobh Alasdair a Bhocsair agus An Turas a sgriobh Eric I Domhnallach. Bidh Domhnall Saunders ann le seanchasan agus Ruaridh Domhnallach air a' bhocsa agus a gabhail nan seann orain.

Bidh cuid den luchd cuil agus seinneadairean a tha air a bhith a toirt taic ga Ceilidh na Gaidhlig, a dearbhadh gum bi iad ann nas fhaisg air an am.  
Read more, Comments: 0

Ceilidh na Gaidhlig 13mh Ceitean Taigh Tasgaidh nan Eilean  

Maggie May 08, 2016
Bidh Ceilidh na Gaidhlig na mios seo ann an Taigh Tasgaidh nan Eilean ri taobh a' Chaisteil ann an Steornabhagh, Dihaoine sa tighinn an 13mh latha. Bidh drama,seanchasan agus orain ri chluintinn. Thigeamh a cheilidh. S ann 's Na Hearadh a bhios an ath fhear air 24mh den Og Mhios ann an Seallam an Taobh Tuath.    Read more, Comments: 0

Toradh DvD ur

Maggie April 12, 2016
Air an DVD ur Toradh tha fiolmaichean Gaidhlig a chaidh a chruthachadh anns na h-eileannan bho 2007. Chaidh na fiolmaichean a dheanamh eadar Uig Media agus Cabraich agus fhuaireas taic airgid bho Bord na Gaidhlig agus Alba Chruthachail airson na fiolmaichean a chur air DVD Read more, Comments: 0

Ceilidh Na Gaidhlig

Maggie March 06, 2016

Cèilidh na Gàidhlig

Aig Cèilidh na Gàidhlig anns a’Hut air a’ Bhac, bha deilbh cluich ùra, Còisir Sgìre a’ Bhac, àmhrain agus ceòl às an dualchas. Tha Cèilidh na Gàidhlig ag amas a bhith ann an sgìrean eadar-dhealaichte gach mìos le seinneadairean às gach àite.’S ann an Grinneabhat am Bràdhghair a bhios an ath cruinneachadh air Dihaoine 29mh Ghiblein.


Thathas a targaideachd air luchd amhairc dràma na Gàidhlig a leudachadh, toirt cothrom ga luchd ionnsachaidh na Gàidhlig a bhith a’ cluinntin an cànan mar a tha e am beul nan daoine agus a’ neartachadh a’ chànan le muinntir an àite seo fhein a tighinn cruinn.

Tha am buidheann Cabraich a chur air adhart na tachartasan, a luib buidhnean iomairt ann an sgìrean fa leth, a tha a strì airson a’ Ghaidhlig a neartachadh nan coimhearsnachd fhèin. An Sgìre a’ Bhac bha Raonaid Cheannadach Iomairt Loch a Tuath CNAG, a sàs a cur air dòigh na h-oidhche. Tha Cabraich a faighinn taic bho Bòrd na Gàidhlig, Creative Scotland agus CNES.


A’gabhail pàrt sa chùirm bha Còisir Sgìre a Bhac, Cèitidh Greumach Am Bac, Còmhlann Òigridh a’ Mhelòdian Am Bac, sgoilearan Sgoil MhicNeacail agus an dealbh cluich Fèineag, Alasdair Mac’Ille Fhinnein Siabost agus Magaidh Nic a Ghobhainn na Lochan agus an dealbh cluich An Turas, Màighread Stiùbhart Am Bac, Donnchadh Shirkie An Taobh Siar, Sam MacAoidh An Taobh Siar, Anna Nic ‘Ille Fhinnein Siàbost, Nìall MacRisnidh Càrlabhagh, Dòmhnall Saunders, An Taobh Siar, Ruaraidh Dòmhnallach, Steòrnabhagh, Mairi Nic Ille Fhinnein Am Bac agus Fear an Taighe Coinneach Mòr MacIomhair.


The all Gaelic event Cèilidh na Gàidhlig at the Hut in Back included new Gaelic drama, Còisir Sgìre a’ Bhac, songs and traditional music. The next Cèilidh na Gàidhlig will be on Friday 29thApril in Grinneabhat, Bragar

The event has several targets: to strengthen the use of Gaelic in the communities, to bring drama to a new audience and to enable Gaelic learners to be immersed in the language and island culture for an evening.

Local community arts group Cabraich www.cabraich.org organised the event with the support of Rachel Kennedy Iomairt Gàidhlig a Loch a Tuath. Cabraich are grateful for the support of Bòrd na Gàidhlig, Creative Scotland and CNES”

 

Write excerpt here Read more, Comments: 0

An Turas dealbh cluich ur  a sgriobh Eric I Domhnallach

Maggie February 29, 2016
Bidh an dealbh cluich ur a tadhal air buidhnean na seann daoine ann an Talla Ard Tunga Dimairt 8mh latha den ath mhios aig 2f. 8/3/16   Read more, Comments: 0

Ceilidh na Gaidhlig Grinneabhat 29mh Giblein

Maggie February 28, 2016
Bha Ceilidh na Gaidhlig air a Bhac air leth sorbheachail. A gabhail part bha Anna NicIllfhinein, Sam MacAoidh, Donnchadh Shirkie, Mairi Nic Ill Fhinnein, Ceitidh Greumach, Coisir Sgire a Bhac, Ruaraidh Domhnallach, Domhnall Saunders, Niall MacRisnidh, Raonaid Cheannadach, Maighread Stiubhairt, Comhlan Og a Mhailiodan, Magaidh Nic a Ghobhainn agus Ali Ban agus tha mi an dochas nach do dh' fhag mi daoine as. Tapadh leibh uile. Bidh an ath Cheilidh na Gaidhlig ann an Grinneabhat an Bhradhghair air an 29mh latha den Ghiblein. Deilbh cluich, orain, seanchasan agus bardachd gu leor. Curibh air a  mhioseachan e an drasta!!.  Read more, Comments: 0

Ceilidh na Gaidhlig Am Bac

Maggie February 20, 2016
Bidh Ceilidh na Gaidhlig anns an Hut air a Bhac Dihaoine sa tighinn 26mh Gearrain. Da dhealbh cluich ur, Coisir na Sgire, seinneadairean agus luchd ciuil bhon a Bhac. Thigibh ann!
The new event Cèilidh na Gàidhlig has several targets: to strengthen the use of Gaelic in the communities, to bring drama to a new audience and to enable Gaelic learners to be immersed in the language and island culture for an evening.

We are working with other community groups, who have a strong interest in maintaining the Gaelic language in each area. Cabraich are grateful for the support of Bòrd na Gàidhlig and CNES.

Read more, Comments: 0

Dripeil, trang agus a dol, as ar ciall

Maggie January 10, 2016
Seo an t-seachdainn a tha romhainn. Ladies Open -Mic Diardaoin sa Bhridge Centre, Na Bayhead Sessions a th'ann gach Dihaoine san Lewis Retirement Centre agus an Stornoway Slam-bardachd anns na Woodlands.  Agus a deasachadh da dhealbh cluich airson Ceilidh na Gaidhlig a Siabost aig deireadh na mios. Phew! Read more, Comments: 0

Da Dhealbh Cluich Ur

Maggie January 09, 2016
Tha Cabraich dripeil ag ionnsachadh da dhealbh chluich ur an drasta. Theid Tom s Jerry a sgriobh Alasdair a Bhocsair agus An Good Samaritan a sgriobh Eric I Domhnallach air ard urlar ann an Siabost air Dihaoine 29mh Fhoilleach aig a chiad Ceilidh na Gaidhlig 2016. S e Alasdair MacFhinnein agus Magaidh Nic a Ghobhainn na cleasaichean. Bidh na deilbh cluich air clar Ceilidh na Gaidhlig a bhios air a Bhac, tigh Tasgaidh nan eilean, Grinneabhat agus anns Na Gearrannan anns na miosan a tha romhainn.         Read more, Comments: 0

Ceilidh na Gaidhlig 2016

Maggie November 30, 2015
An Ionad na Seann Sgoile ann an Siabost air 29mh Fhaoilleach, oidhche de dheilbh cluich, seanchasan agus orain.  Bidh tachartas Oidhche na Gaidhlig ann gach mios eadar an Gearan agus an t-Og Mhios 2016. Bidh Oidhche na Gaidhlig a Tadhail  air Sgire a 'Bhac, Taigh Tasgaidh nan Eilean, Grinneabhat, Baile Tughaidh nan Gearrannan agus Seallam anns na Hearadh. Thigeamh ann! Read more, Comments: 0

Ceol nam Ban 2016

Maggie November 30, 2015

Bidh Oidhche Ceol nam Ban air an darna Diardaoin den mhios. Diardaoin an 14mh latha den Fhoilleach, an Ionad an Drochaid Am Bridge an Ceann a Bhaigh . A rithist Diardaoin 11 Gearran, 10mh Mart, Thigeamh ann! Ceol, comhradh agus cairdeas.

 

Write excerpt here Read more, Comments: 0

Feis Cuimhneachaidh

Maggie November 25, 2015

Bha Feis Cuimhneachaidh Absent Friends an Ionad nan Seann Sgoile, an Siabost Dimart 10mh den Samhainn. Thainig Dawn Susan bho Hebridean Baskets chun a' bhuidheann Clann an La an De a shealltain mar a tha i deanamh bascaidean a caol. Thainig duine neo dhithis a nall a Taigh Curaim Blar Buidhe cuideachd agus rinn a h-uile daoine cearcail bheaga agus eisg bheag mar chuimhneachadn air duine a bha faisg dhaibh. 

Read more, Comments: 0

Slam

Maggie November 22, 2015

Bidh farpais bardachd Slam ann an Steornabhagh air an 16mh den Fhaoileach 2016. A bheil tri piossan bardachd agaibh deiseil? 


Read more, Comments: 0

Bata na Sailm (Ire 2)

Maggie September 18, 2015
Seo blasd' de latha na h-eathraichean agus na sailmean air 5mh den Sultainn 2015  https://vimeo.com/138727287 Read more, Comments: 0

Bata nan Sailm

Maggie July 31, 2015

Tha Cabraich an luib Bata nan Sailm an cois an neach ealain Deirdre Ni Mhathuna. Tha seo a cumiseachadh air mar a bhiodh iad a seinn na sailmean anns na h-eathraichean, nuair a bha iad a dol dhan eaglais, a tighinn thairis air Loch Erisort an Sgire nan Loch. Nochdaidh leabhar bardachd, a sgriobh Domhnall S Moireach agus chruthaich Uisdean Brydon, an comhdach agus an leabhar gu tur. Theid a cur air beulaimh dhaoine Dimairt an 8mh latha den Sultain an Ionad na Woodlands an Steornabhagh.  

 Seo an fiolm goirid a chaidh a dheanamh bho chionn da mhios  https://vimeo.com/psalmboat  ,

Read more, Comments: 0

Tom s Jerry

Maggie June 30, 2015
Bidh Tom s Jerry an dealbh cluich ur a sgriobh Alasdair a Bhocsair, na chur seachad ga na buidhnean seann daoine an ceann mios na dha. Bidh orain ur agus bardachd eibhinn na chois. Read more, Comments: 0

Domhnall Macleoid talantach an thuirt thu?

Maggie May 15, 2015
Domhnall Macleoid seinneadar og a chaidh a chlaradh ann an Wee Studio bho chionn ghoirid. Nach ann aig a tha an guth. Tha e sgafanta air a ghiotar cuideachd !!.  https://www.youtube.com/watch?v=EGbuue6pLkU Read more, Comments: 0

Balaich na Whalers

Maggie May 07, 2015

Tha iris ur air nochdadh an diugh mu dheidhinn na fir a Leodhas a bha ag obair air na mucan ann an South Georgia anns na 1950/60s. Chur cuid de na fireannaich sin fiosrachadh agus deilbh ris an leabhar seo. Tha e a cosg £3.50 agus pris a chur dhan phost. Tha Balaich na Whalers ri fhaighinn an seo air an duilleag Facebook againn neo maggiesmith@hebrides.net . S e Cabraich a chur an leabhar seo air adhairt.


Read more, Comments: 0

Cearcall Seinn

Maggie May 04, 2015
Chaidh Magaidh gu Cearcall Seinn ann an Uig Diardaoin 30mh Giblein. 'S ann againn a bha am feasgar! Orain gu leor an Ionad Urras Bhaltois ann an Meabhaig. 'Dheidhinn leat a Mheabhag an Uig, ged a bhiodh, ged a bhiodh e anmoch, Dheidhinn leat a Mheabhaig an Uig ged a bhiodh e anmoch 's ceo ann'.    Read more, Comments: 0

Fiolmaichean Ura

Maggie April 28, 2015

Tha Cabraich a toirt fiolmaichean ura gu buidhnean coimhearsnachd re na tri miosan a tha romhainn. 'S e sgriobhadairean, luchd fiolm agus cleasichean a Leodhas a rinn na fiolmaichean agus chaidh an claradh anns an Eilean cuideachd. 'S ann as an dualchas a thainig cuspair gach fiolm agus bha gach duine ag obair gu saor thoilleach airson an obair a cho-lionadh. Chaidh deich fiolmaichean a tha coig mionaidean a dh' fhaide a chriochnachadh. Chaidh an sealltainn an Grinneabhat am Bradhagair air 18mh Giblein, Ionad Shiabost Clann an La an De 28mh Giblein. Bidh na fiolmaichean rim faicinn am Ionad Bhreascleit aig Able Bodachs and Cailleachs agus aig Lunch Club, Comann Eachdraidh Nis an ath mhios An t-Og mhios. Chaidh na fiolmaichean a dheanamh le Uig Media agus Aignish Riots. Seo a bha aig neach amhairc ri radh:

 "Chunnaic sinn taghadh mhìorbhailleach de filmichean goirid, uile dèante air an eilein le stiùirichean is cleasaichean a seo fhein.. A-measg an roinn seo bha gaireachdainn gu-leòr, clisg no dhà, is cuimhneachadh air tachartasan is dòighean-beatha tro eachdraidh an eilein. Chòrd na filmichean ris a h-uile neach a bha ann, cuide ri na h-òrain is a'meòrachadh annasach, mu Eilean Leòdhais. Ceud mìle taing do Chabraich is nach till sibh a rithist?" 

Seo cuid de na fiolamichean Am/Aite, As d'aonais, Taigh Dhe, Iolaire, Taigh a Mhuirt, Fios Fithich, Gealladh a Bhard and Leabhar na BeathaTha cuid rim faicinn an seo air larach Uig Media

Read more, Comments: 0

Bata nan Sailm

Maggie April 28, 2015
Bha Cabraich an luib Psalmboat an cois an neach ealain Deirdre Ni Mhathuna agus seo an fiolm goirid a chaidh a dheanamh  https://vimeo.com/psalmboat  Bidh tuilleadh ealain mu seinn na sailmean anns na h-eathraichean a bhiodh a tighinn thairis air Loch Eriosrt an sgire nan Loch, ri fhaicinn a dh' aithghearr Read more, Comments: 0

Fiolmaichean ura

Maggie April 13, 2015
Tha oidhche le fiolmaichean agus ceol ann an Grinneabhat am Bradhagair oidhche Hathuirn an 18mh latha den Ghiblein. Bidh Cabraich ann le na fiolmaichean aig Aignish Riots agus Uig Media, m.e. Taigh a Mhuirt, Gealladh a Bhaird, As d'aonais, Am/Aite Iolaire, Fios Fithich, smsaa.    Read more, Comments: 0

Oidhche na Gaidhlig

Maggie March 26, 2015

Bidh a'chiad Oidhche na Gaidhlig ann an Taigh Dhonchaidh air Diardaoin an 16mh den ath mhios (A Ghiblein), Bidh cearcall comhraidh ann aig 6.30f cearcall seinn an deidh sin aig 7.30 agus ceilidh le dealbh cluich, sgeulachdan agus orain an deidh sin.Thug Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle nan Eilean Siar taic airson Oidhche na Gaidhlig a chur air adhart. 

Read more, Comments: 0

Seanchas Choinnich Tharmoid air loidhne

Maggie March 22, 2015
Chaidh an dealbh cluich aig Alasdair a' Bhocsair Coinneach Tarmod- Mo Dhuine a chur air loidhne an t-seachdainn-sa. Chaidh an drama aon guthach a thoirt gu iomadh buidhean coimhearsnachd le Magaidh Nic a Ghobhainn an 2014.  Thug Bord na Gaidhlig agus Comhairle nan Eilean taic airgid airson an dealbh cluich a chur air loidhne, mar phart den iomairt a bheir leudachadh air aireamh luchd amharc drama na Gaidhlig  .http://youtu.be/vZpyXxJ4YgI Read more, Comments: 0

Cearcall Comhraidh 's Cearcall Seinn

Maggie February 25, 2015

Bidh Cearcall comhraidh agus cearcall seinn eadar 4.30-6.30 ann an Ionad na Seann Daoine, An Ceann  a Bhaigh, an Steornabhagh air Dihaoine 20mh, 27mh Mart agus Dihaoine 3mh Ghibhlein

Bidh ceol s orain as an dualchas ann bho 6.30-9f.

Thigeamh a d'eisteachd ri ceol Gaidhealach air a mhalodian s an fhiadhal, agus orain as an dualchas .

Cosg £3.00

Fhuair Cabraich taic bho Bord na Gaidhlig agus bho Comhairle Nan Eilean Siar airson an tachartas seo.

Read more, Comments: 0

Peigi Oighrig far a' Chniop

Maggie February 24, 2015

Gealladh a Bhàird Peigi Oighrig Nic A Ghobhainn ag innse mar a fhuair i git a' bhardachd bho brathar a seanair air leabaidh a bhais.

.

Seo a thuirt bràthair mo sheanair rium

Air bu leabaidh bais dha,

Gu robh aige faireachdainn

Gun fhuair mi spiorad bàrdachd,

’S gun tug e mar earal dhomh

“Na cur i chaoidh gu càineadh”

Cha diobair mise an gealladh sin,

Gus an paisgear bhon an fhad mi.

Tha an film ur Gealladh a’ Bhàird air http://youtu.be/X9Le5udTv38

Read more, Comments: 0

Fiolmaichean ura agus ceol

Maggie February 10, 2015

Tha ceol anns an Ionad an Ceann a Bhaigh gach Dihaoine agus bha fiolmaichean ura a chaidh a dheanamh an seo fhein, cuideachd rim faicinn oidhche Haoine a chaidh. B'e am fiolm Machair Life- a Dion Machraichean na h-Alba a chiad fhear. Bha croitearan agus croitearachd gu leor ri fhaicinn ag innse mar a tha gleidhteachas a cumail machraichean Uibhist.


Thug A Gift for King George gaire air na bha staigh agus croitear a dol as a rian a feuchainn ri cumail ris na bha air iarraidh air anns na 1900an.


S ann air Camus Uig a chaidh Leabhar na Beatha a chlaradh agus thabhair sealladh agus sgeulachd mu cogadh,gaol agus gonadh. 


Thug am fiolm an Iolaire buaidh mhor air na bha a staigh. Tha talant agus cur leis gu leor anns na bailtean. Bidh tuiilleadh fiolmaichean againn an ath mhios .

   

Read more, Comments: 0

Cearcall Comhraidh

Maggie February 03, 2015
Bidh Cearcall comhraidh ur a toiseachadh ann an Ionad nan Seann Daoine ann an Ceann a Bhaigh, An Steornabhagh. Dihaoine an 13mh latha den mhios seo. Bho 4.30 gheibh sibh taic le abairtean a gheibh sibh air a chleachdadh timcheall a' bhaile. Bidh rannan aotrom eibhinn rin sheinn cuideachd. Thigeamh! thigeamh!  Read more, Comments: 0

An Dealbh Cluich A Souvenir of Great Yarmouth

Maggie February 03, 2015
Sgriobh Eric I Domhnallach an scriobt A Souvenir of Great Yarmouth mu bheatha Clann Nighean an Sgadain ann an 2012. Tha iarraidh air an dealbh cluich a rithist agus theid fhaicinn an ath mhiosann an Talla Thunga air Dimairt an 10mh Latha agus ann an Dun Eidean aug Ionad na Sgeulachdan air Diardaoin  an aon seachdainn. Tha an dealbh cluich goirid seo mu 15 mionaid  Read more, Comments: 0

Fiolmaichean Ionadail

Maggie January 21, 2015
Chithear fiolmaichean goirid, a chaidh a chlaradh anns na h-eileanan air Oidhce Haoine an 6mh latha den Ghearran. Bidh deich fiolmaichean rim faicinn eadar fiolmaichean Uig Media, Aignis Riots, Digiheb agus eile. Tha iomadach cuspair anns na fiolmaichean agus chan eil ginn aca nas fhaide na 10 mionaidean. Thigeamh gu Ionad nan seann dhaoine ann an Ceann a Bhaigh an Steornabhagh bho 6 uairean agus bidh ceol againn cuideachd agus copan math teatha Read more, Comments: 0

Bean Choinnich Tharmoid

Maggie January 12, 2015
Tha bean Choinnich Tharmoid a deanamh air Tolstadh an ath mhios. Bidh i anns an Taigh Ceilidh aig 2 f air Diciadain 11mh Gearran. Bidh i a dol a cheilidh air Clann an Latha an De an Siabost air Dimairt 24mh Gearran. Tha naideachdan gu math araid aice bronag. Read more, Comments: 0

Cearcal Comhraidh

Maggie January 12, 2015
Bidh cearcal comhradh a toiseachadh an ath mhios ann an Ionad Nan Seann Daoine an Ceann a Bhaigh, an Steornabhagh. Bidh e tachairt gach Dihaoine bho 5 uairean agus bidh cothrom agaibh an uairsin a dhol a ghabhail orain Ghaidhlig aig a cheilidh an ath dhoras, gu 9 uairean mas e air toil.  Read more, Comments: 0

Eathar nan Sailm

Maggie December 18, 2014

Tha Eathar nan Sailm a' comharrachadh a' chleachdaidh a bhiodh aig muinntir nan Loch, nuair a bhiodh iad a dol dhan eaglais air na h-eathraichean. Bhiodh iad a' seinn nan sailm nuair a bhiodh iad a' fagail a' phuirt agus na h-eathraichean ag iomaireadh dhachaigh chun a' phort aca fhein. Thathas an drasta a cruinneachadh barrachd mu na cleachaidean eile a bha aca, aig deireadh an latha bidh fiolm agus leabharan beag a' claradh an ealain a thainig as na chaidh a chruinneachadh. S e deirdre ni mhathuna a tha air an stuir, Lorna Simpson a' chlaradh air fiolm, Hugh Brydon a' deanamh prints, DS Moireach a Nis a deanamh bardachd agus Ian Stephen a sgriobhadh seanchasan. Bidh Cabraich na luib cuideachd. Proiseact iongantach agus iomadach duine anns a' choimhearsnachd air taic a chur ris an seo mar tha. Fhuaireas taic airgid airson Eathar nan Sailm  bho Alba Chruthachail, Sgioba na Gaidhlig agus Comhairle Nan Eilean Siar.

  

Read more, Comments: 0

Coinneach Tarmod Mo Dhuine- Alasdair Campbell

Maggie August 14, 2014
Sgriobh Alasdair a Bhocsair an dealbh cluich Coinneach Tarmod mo dhuine. Bidh Magaidh Nic a Ghobhainn ag innse seanchas an te a chaidh a Ghlaschu a dh'innse mun rud goirseachail a thacair dhi air Mointeach Bharbhais. Theid an sgeul a chluintinn airson a' chiad uair ann an Talla Bhail' Ailein DiSatuirn 16mh Lunastal agus ann an Nis air Diardaoin an 4mh Sultain.   Read more, Comments: 0

Bannaimh nach gann

Maggie May 20, 2014
Bidh leabhar den bardachd a sgriobh an t-Urr Murchadh Mac a Ghobhainn, Liurbost na Loch, ri fhaighinn an ath mhios.  Sgriobh am bard Te Bhan, Te Bhan, Te Bhuidhe Bhan, Fogradh nan Gaidheal agus bardachd mu nadar, na fuadaichean, Stri an Fhearainn, turasan mara agus iomradh air mar a bha daoine beo, anns an 1920/30 anns na h-eileanan. Read more, Comments: 0

Ceilidh 21 An t-Og Mhios

Maggie April 09, 2014
Bha ceilidh math anns an Retirement Centre ann an Ceann a Bhaigh an Steornabhagh, air DiSathuirne 17mh Cheitean. Bha Tonkan, Murdo Dan, Broadbay Sound agus Na Country Gaels ann, Ceol s orain gu leor!. Feuch an tig sibh chun an ath fhear air an 21mh den Og Mhios. Read more, Comments: 0

Mach ann an Deich 2014

Maggie March 12, 2014
Tha Mach Ann an Deich a tilleadh a rithist. Cuiribh a steach ar scriobtaichean airson an Tachartasan Dihaoine 30mh agus Disathuirne 31mh den Cheitean anns an Lanntair ann an Steornabhagh  Read more, Comments: 0

Taigh a Mhuirt

Maggie March 12, 2014
http://youtu.be/9pllRKanmzwseo Seo an link airson am film ur a rinn Eric Domhnallach agus Keith Stringer airson co fharpais Film G . Tha mi an dochas gun cord e riubh. Read more, Comments: 0

Fiolmaichean goirid

Maggie December 06, 2013
Tha Cabraich a cur air adhart oidhche le cuid de na fiolmaichean goirid a chaidh a dheanamh bho chionn ghoirid ,a seo ann an Leodhas.Bidh iad rim faicinn ann an Talla Bhearnaraigh agus ann an Steornabhagh . Bidh tuilleadh fiosrachadh ri fhaighinn an seo a dh'aithghearr...  Read more, Comments: 0

Afghanistan

Maggie October 14, 2013

AN SAIGHDEAR

Sgeul an uamhais!

A taomadh  bho bhilean
pongail an fhir- naigheachd..
“Fhuair saighdear eile bas ann an Afghanistan

Chaidh fios a leigeil gu theaghlach
Thuirt  ceannard  na reisimeid
Gun d’fhuair e bas mar ghaisgeach
Ag cosnadh  dha  fhein duais- cogaidh
A dion a rioghachd
A deanamh an obair anns an robh tlachd aige
Theid a chorp a sgeith dhachaidh
‘S theid a adhlaicheadh le mor urram agus greadhneachas”
Mo ghille og!

Am bu ghaisgeach thu an glaicean fuar aognaidh a bhais

‘s ne cliu do rioghachd a neartaich thu
anns  a’ bhruaillean
nuair dh’fhailnich do threoir
s tu nad shineadh
‘ann an sgire choimheach choigreachail Helmand
 measg fineachan
fuilteach
ain-diadhaidh,aingidh?

De dhuit-se
duaisean-cogaidh airson gaisge?
oraidean-molaidh mora
fada

S na ceudan a tional air na sraidean
Le neonachas 
 a feithibh chum amharc air do ghiulain
a shileadh dheoir
a tilgeadh rosan
geal is dearg
Thig smal air an duais -gaisga
Seargaidh na blathan
Theid di-chuimhne air briathran
Sgapaidh na ceudan ud
obair la a feitheamh
Gach aon cho trang
S’cha chuimhnichear THUSA nas mo
A mhain---
Taisgte ann an cridhe do mhathar
Tha craidh do-leighis
- Air nach toir iocshlaint feachd
A triall fo leon
gach la ann an dubhar sgailean dorcha
As eugmhais solais

 

Criosaidh NicIomhair, Breascleit

Read more, Comments: 0

Solus Geur

Maggie October 01, 2013

Feis nan daoine a tha air an dreuchd a ligeil dhiubh agus a tha a lorg cur seachadh ur. Bidh sniomh is bardachd is fiolmaichean aig Talla Bhreascleit feasgar DiCiadain an 30mh den mhios seo.

 

Read more, Comments: 0

Am Fear Teiche

Maggie September 08, 2013

Thainig a bhardachd Am Fear Teiche a sgriobh Murchadh MacFarlain gu ar aire an diugh.

S ann aig a bha an leirsinn:.

       Nuair bhios ain-iochd an àite truais
       A' riaghladh shìos 's a 'riaghladh shuas
       'S nach nochd fear iochd mur faigh e duais,
       'S do Nagasaki nithear luath,

       'S nach casaid Crìosdaidhean aon uair
       Ach orms Di-Dòmhnaich o'n chaidh cuairt,
Séisd:-
Their mi, theirigeadh an saoghal bun-os-cionn
Theirigeadh, ach tarruingidh mi phlaide mu mo cheann,

O Rìgh tarruingidh, O tarruingidh mi srann.

       Nuair bhios clann-daoin' le dìobhail céill
       Ri moidheadh tur-sgrios air a chéil
       Le boms na h-atom 's hydrogen,

Sèisd:
       Nuair bhios eaglaisean a' teagasg gràidh
       'S iad ri chéile mar dhà nàmh,
        Suas togaidh mise mo dhà làimh, 

Seisd:
           Nuair bios an Ruis 's Ameiriga mhór
             Le bus ri bus is dòrn ri dòrn,
          A'bagairt tur-sgrios a thoirt oirnn
         Is mise is tus' mar fheòirean feòir
          Ar guth-gearain lag gun treoir

         Mar air iarunn fuar an t-òrd, 



Nuair gheibh mi m'aran air bòrd grinn
'S gun mheas air treabhaich' bochd an fhuinn
Le fhallus tha toirt arain dhuinn,
'S a chì air teilidh mi 's a chluinn

Fear eile sgriachail àird a chinn
'S nì mile not  e 's an aon oidhch',

Sèisd:  

  
Nam bu shlat thomhais luach ar duais
   Cha bhiodh am fear nach d'chuir ri buain,
    Nuair chì me neach le fallus gruaidh,
    Neach eile càrnadh ionmhais suas
     A dhealachas ris aig beul na h-uaigh,
      Their mi "Cheartais, cà 'il do bhuaidh?"


Nuair thruailleas sinne gu ar deòin
Am muir, an t-iasg, agus na h-eòin,
S an abhainn uair deoch ás na dh'òl
Na bochan truaillt'gun innt'nì beò,
Is Nemesis a; bagradh oirnn,
Seadh, dìoghaltas dearg air linn-na-sògh,



Sèisd

Nuair bhios Crìostaidhean ag innse dhuinn
Mu dhùthaich ghrinn taobh thall na h-aibhn'
Anns nach bi bròn no duine tinn
'S am bi iad sòlasach ri seinn
'S gun chabhag oirre faighinn innt'
'S m' eas-creidimh-sa ri 'g iarraidh cinnt,

Sèisd

Nuair bhios g'a chéile daoin' am fuath
S nach bi iad réidh ré réis a cuairt,
Sìos an rathad beag geàrr th'eadar creadhail agus uaigh,
Seisd:


Read more, Comments: 0

Lotan Nadar

Maggie August 05, 2013

A chairdean dean tu dusgadh is tim a ruith cho luath,

Thoir tu urram do ar n-arainneachd 's aig nadar bidh a 'bhuaidh

Na lotan tha ga sarachadh gun leigheas dhith bhon sluagh

Prothaid an duine uasal dhith, toirt buille bais gach uair.

 

An uiseag is an smeorach s iad samhach nar linn,

An diugh cha chluinn air madainn chuin na guthan boidheach binn,

Tha deoir a tighinn bho dhrium a'chuan, tha osna aig gach beann,

S na fleuran caomh air druim a' fhraoich a cromadh sios an ceann.

 

Uilleam Iain Caimbeul

Read more, Comments: 0

Solus Geur 30mh Damhair

Maggie June 26, 2013
Bidh Solas Geur air Diciadain an 30mh den Damhair ann an Talla Bhreascleit mar phart den Fheis  Luminate. Tha an Fheis seo airson daoine nas shine, a tachairt air feadh na dutcha air a mhios sin.  Tha Bord na Gaidhlig air taic airgid a thoirt seachad airson an tachartas seo. Read more, Comments: 0

SonaSonas

Maggie June 13, 2013
Bidh sònaSonas, a' chiad bhuidheann dràma
sràide Gàidhlig, air ais aig Mela Ghlaschu ann am Pàirc Kelvingrove
Disathairne seo tighinn! Bidh sinn aig an fhèis ioma-chultarach as motha
ann an Alba nar Cafaidh Gàidhlig, far am bi blasadan Gàidhlig air a’
chlàr-bìdh is aran milis is tì saor an asgaidh! Tha cuid de na tha air
a’ chlàr-bìdh gu math spìosrach is bidh ar sàr-cheòladair ann cuideachd
air son ur cur ann an deagh shunnd… ach ma tha òran Gàidhlig agaibh
fhèin no ma bhios sibh air son beagan còmhradh Gàidhlig, nach tadhail
sibh oirrn air son cabadaich is spòrs bho 12f Disathairne! Dèan like air
an duilleag againn  https://www.facebook.com/sonasonas.sraide?ref=hl
is gheibh sibh am fiosrachadh as ùire mu càite buileach am bi sinn…
roinn am post seo ri 20 caraidean is mathaid gun toir ar maître-d
càirdeil pòg dhuibh cuideachd!

Tha sònaSonas taingeil airson taic bho Alba Cruthachail, Bhòrd na Gàidhlig, An Lòchran agus Glaschu Beò. 
" Read more, Comments: 0

Bho Sgaile Suainabhal

Maggie April 16, 2013
Bidh Cabraich aig Mach ann an Deich leis an dealbh-cluich ur Bho Sgaile Suainabhal a sgriobh Eric J Domhnallach. Read more, Comments: 0

A Ghiblean, An Ceitean, 's An t-Og Mhios

Maggie April 06, 2013
Tha seanchas clann nighean a' sgadain a dol fhathast. Bidh Os Mo Chionn Sheinn an Uiseag a tadhal aig Cairdeas air a Bhac 17mh Giblein, Young at Heart am Borgh 2mh Cheitean.'s ann an  Ionad Studio' 4mh den Og Mhios. Read more, Comments: 0

A 'Mhairt / A' Ghiblean/ An Ceitean

Maggie March 16, 2013
Tha Os Mo Chionn Sheinn an Uiseag air ais airson Leabhar 's Craic ann an Glaschu air an 23mh den mhios seo. Bidh Mairi ag innse a sgeul feasgar aig an Fheis leabhraichean san CCA. Air feasgar Diciadain an 17mh den Ghiblein sios leinn gu Cairdeas air a Bhac. Ann am Borgh air an 2nd Cheitean. Tha sinn an dochas a bhith a gabhail pairt ann an Mach ann an Deich air an 24/25 den Cheitean ann an Steornabhagh. Read more, Comments: 0

A' tarraing comhla

Maggie March 16, 2013
Thog sinn dealbh de na chur ris an dealbh cluich a chaidh a dheanamh airson an reidio A Souvenir of Great Yarmouth. Theid a chraoladh Diluain 13mh den Cheitean aig 6f. Anns an dealbh bha Tony Henk  (riochdaire), Magaidh Nic Ille Fhinnein (seinneadair), Magaidh Nic a' Ghobhainn (cleasaiche) agus Dol Domhnallach (neach ciuil). Cha b'urrainn gan sgriobhadair Eric J. Domhnallach neo Ann NicDhomhnaill a leugh earrainean as a Bhioball, a bhith nar cois. A tarraing comhla Read more, Comments: 0

Air Chuairt

Maggie February 27, 2013
'S e seachdainn gu math trang a bha seo. Feasgar Diciadain bha Mairi anns an Taigh ceilidh an Tolstadh agus feasgar Diardaoin aig na Golden Oldies ann an Talla na h-Airde sa Rudha.T Read more, Comments: 0

Criochan na Bliadhna

Maggie December 13, 2012
Tha Cabraich air a bhith dripeil air a' mhios mu dheireadh. Thug sinn A Souvenir of Great Yarmouth  gu Cairdeas Uig, Newton Community, Comann Chairdeil Cheann an Loch agus Coimhearsnachd Breascleit. Bidh sinn ann an Tolstadh aig toiseach 2013. Theid Os Mo Chionn Sheinn an Uiseag ullachadh airson Mairt 2013.  Nollaig Chridheil 's Bliadhna Mhath Ur dhiubh uile.
Read more, Comments: 0

Stronsay Shore

Maggie December 04, 2012
Bha cuid den luchd eisteachd eolach air an amhran seo. Chaidh a sgriobhadh mu na 1920/30an agus bhiodh iad ga sheinn ann an Leodhas  's na  1940/50an. Thug Tonkan thugainn an amhran seo. 
Read more, Comments: 0

Aig Ceann Camus Uig

Maggie November 10, 2012
Thug Domhnall MacIomhair thugainn a' bhardachd seo. Seo an sealladh a chi Domhnall a h-uile madainn.  Read more, Comments: 0

Ceol gach linn

Maggie October 10, 2012
Ann an teanta mhor faisg air Caisteal Ardbhreic, thug Bob Pegg agus Henry dhuinn cothrom gach inneal-ciuil a bha anns gach linn, fheuchainn. Thoisich sinn le clachan le tuill unnta, sligean chreachainn, gaisean feoir, digeridoo agus drumaichean a craicean chaorach, chruidh agus gobhair. Sheinn sinn le cheile fior seann amhran piobaireach An Tarbh Breac Dearg. Read more, Comments: 0

Loch an Inbhir

Maggie October 10, 2012
Choinnich sinn ri Agnes a Eilean Bhallasaigh ann an Sealltainn. Bha i aig an sgadan a sin ann an 1952. Bha clann nighean a' sgadan math math air fithe agus tha Agnes ris fhathast agus i deanamh geansaidhean le patran Fair Isle. Tha larach lin aice far am bi i a reic na geansaidhean!. Read more, Comments: 0

Uig agus Asainte +

Maggie September 28, 2012
Bidh an Taigh Tasgaidh a dunadh a maireach agus bidh sinn ann leis an dealbh cluich, seanchasan agus amhrain. Diluain theid a Souvenir of Great Yarmouth a chlaradh ga IslesFm. Diciadain bidh sinn air aoigheachd aig Cairdeas ann an Uig. Agus aig Feis Asainte Dihaoine sa tighinn. Read more, Comments: 0

Cearcall amhrain

Maggie September 19, 2012
Tha an Cearcall Amhrain a taghadh cuid de na h-amhrain aig Bard Mhealaboist airson an ionnsachadh air ar teanga. Sar Bhard a bh'ann a' Murchadh. Tha sinn a' coinneachadh gach seachdainn an drasta agus tha seinneadairean againn a gabhail amhrain Ghaidhlig a Canada, As a' Ghearmailt, Nirribhigh s eile. Read more, Comments: 0

Clann an la an de

Maggie September 07, 2012
Fhuair Cabraich cuireadh a dhol a cheilidh air na buidhnean, Clann an Latha an De, Comann Cairdeil Cheann a Loch, an ABC (Able Bodachs and Cailleachs) buidheann Tolstaidh agus buidheann Steornabaigh. Cha bhi sinn fada gun ar ruighinn..... Read more, Comments: 0

Na rainig thu fhein Yarmouth?

Maggie September 07, 2012
Bha dealbh cluich clann nighean a sgadan aig Feis na Mara ann a Yarmouth aig toiseach na mios. Da latha anns a' marquee Quay Notes and Talkie Bits, a measg seanchas 's bardachd 's eile. Fhuair sinn a-mach gu robh an Yard a b' abhaist a bhith aig Duncan Maciver an curair a Steornabhagh (1937), fhathast mar a bha e,  agus gu bheil e nis mar phart den Time and Tide Museum.  Read more, Comments: 0

Tha Torr dhe Seors' an Cabharstaigh

Maggie August 08, 2012
Thainig Alasdair a Bhocsair le fios mu dheidhinn an Austin Somerset agus na Whitewall tyres an t-seachdain seo. Tha sin an dochas gu ruig sinn a Mhod ann an Dun Omhainn leis. Read more, Comments: 0

Tractor Ceilidh

Maggie August 05, 2012
Bha gu leor puirt Danns a Rathaid  aig Ceilidh nan Tractaran, Disathuirn an 18mh ann an Talla Bhuirgh nuair a thug Ruaraidh Domhnallach a Achadh a Phlastar thugainn an Cd ur Fasan a d' fhalbh. Thainig eadhan crodh a bhaile a dh' eisteachd Read more, Comments: 0

Cuin' a bha thu ann a Yarmouth?

Maggie August 05, 2012
A Souvenir of Great Yarmouth.The Lewis Herring Girls' story goes to Great Yarmouth Maritime Festival on 1st and 2nd September
Read more, Comments: 0

Larach lin ur!

cabraich June 19, 2012
We're pleased to announce that Cabraich has a new website.
Read more, Comments: 0